Mu

Tha Acair 30 bliadhna a dh’aois. Tha iad a’ foillseachadh iomadh seòrsa leabhair, a’ mhòrchuid ann an Gàidhlig a-mhàin, feadhainn ann am Beurla a-mhàin, ach co-cheangailte ri cuspairean Gàidhlig no Gàidhealach, agus feadhainn eile san dà chànan.

 

Chan eil ach beagan is dà bhliadhna bho dh’fhoillsich sinn leabhair ann an trì cànain – Gàidhlig, Beurla is Albais agus tha dùil again fear fhoillseachadh aig deireadh na bliadhna seo fhèin ann an Gàidhlig is Albais a-mhàin.

 

Tha a’ Ghàidhlig aig buill a’ Bhùird gu lèir agus cuideachd aig an luchd-obrach air fad.

 

Bithear a’ cumail ceithir choinneamhan Bùird sa bhliadhna air a’ char as lugha. Tha na coinneamhan gan cumail sa Ghàidhlig.

 

Tha ballrachd Bòrd-stiùiridh Acair mar a leanas:

 

Dòmhnall Màrtainn (Cathraiche)

Anna Mhoireasdan

Anna NicSuain

Seumas Mac an t-Sagairt

Alex Dhòmhnallach

Norma NicLeòid

 

 

Agus an luchd-obrach:

 

Norma NicLeòid (Manaidsear agus Deasaiche pàirt-ùine)

Mairead Anna NicLeòid (Dealbhachadh agus Dèanamh làn-ùine)

Mairead Mhàrtainn (Neach-rianachd làn-ùine)

Donalda Riddell (Margaidheachd & Cunntas-stoc pàirt-ùine)