Title Details
Price: £6.00
Author: Floraidh NicPhail
ISBN: 9780861523986
’S e ‘Maraiche nan Cuantan’ aon de na h-òrain is ainmeil ann an cultar Gàidhlig cò-aimsireil na h-Alba, agus chaidh a sgrìobhadh le Flòraidh NicPhàil à Tiriodh.
A-nis, airson a’ chiad turais ann an clò, gheibh luchd-leughaidh an cothrom tàlantan Fhlòraidh fhaicinn dhaibh fhèin san cruinneachadh bàrdachd grinn seo, le tionndaidhean nan dàn air an dèanamh leis a’ bhàrd.
Ged a bha Flòraidh gu math tric air a brosnachadh leis na daoine aice fhèin ’s an àrainneachd a bha mun cuairt oirre – thèid aig daoine bho air feadh an t-saoghail tuigsinn faireachdain a’ bhàird.
’S ann bho dhealbh a pheant piuthar Fhlòraidh a thàinig còmhdach an leabhar. Tha barrachd dha na dealbhan aice ri ’m faicinn san leabhar, a bharrachd air dealbhan teaghlaich.
(Dà-chànanach)
64pp, pbk