Title Details
Price: £11.99
Author: Dòmhnall Eachann Meek
ISBN: 9780861524112
Anns an leabhar seo gheibh sibh taghadh de na rannan ‘s na sreathan a rinn Dòmhnall Meek air iomadach cuspair a tha a’ buntainn ri a bheatha fhèin, eadar Tiriodh tro na bliadhnachan, coimhearsnachdan an eilein, a’ Ghàidhlig, a’ Ghàidhealtachd, càirdean is co-luchd-obrach, daoine is creutairean, dùthchasaich is coigrich, agus an saoghal mòr neònach anns a bheil sinn uile beò an-diugh.
Tha iomadh gleus anns na rannan. Tha iad uaireannan sòlamaichte, uaireannan èibhinn, uaireannan brònach, agus uaireannan magail, mar a fhreagras air sealladh Dhòmhnaill. Tha Dòmhnall air a dhòigh nuair a bhios a na shuidhe air an t-seann tractor Ferguson a tha fhathast beò slàn air a’ chroit ann an Tiriodh – ‘Feargaidh mo ruin-sa’, mar a tha aige fhèin air ann an ‘òran-gaoil’ san leabhar seo.
Chan e tionndadh de 'Shore Lines', leabhar eile le Dòmhnall Meek aig Acair a tha san leabhar seo.