AN DÈ
Chaidh Acair Earranta a stèidheachadh ann an 1976, gus ghoireasan Gàidhlig a chruthachadh airson a’ phròiseact Foghlam dà-chànanach a bha gus ùr-toiseachadh anns na h-Eileanan Siar.
Bhon uairsin, tha leabharaichean Acair air cliù a thogail ann an sgoiltean air feadh na h-Alba, a tha a’ teagasg tro Mheadhan na Gàidhlig: is ann ainneamh a chaidh leanabh sam bith tro na sgoiltean sin gun sgeulachdan ainmeil SPÀGAN a leughadh!
Taobh a-muigh foghlam, ge ta, tha Acair air liosta fhada de leabhraichean fhoillseachadh mu iomadh cuspair. Tha na leabhraichean ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, agus a’ còrdadh ri clann agus inbhich.